

Introduction
'S e neach-eachdraidh, craoladair agus sgrìobhadair Albannach a bh' ann an Ian Grimble. Bha ùidh shònraichte aige ann an cultair, litreachas agus eachdraidh nan Gàidheal.
A bheatha
Rugadh e ann an Hong Kong, ach 's ann à Alba a bha a phàrantan. Fhuair e foghlam aig Colaiste Bhalliol, Oilthigh Oxford. Aig àm an dàrna cogaidh, bha e stèidhichte anns na h-Innseachan. Thòisich e ag obair aig a' BhBC ann an 1955. Rinn e iomadh prògram mu dheidhinn eachdraidh na h-Alba.
Ian Grimble agus a' Ghàidhealtachd
Bha ùidh mhòr aig Ian Grimble ann an eachdraidh na Gàidhealtachd, agus dh'ionnsaich e Gàidhlig cuideachd, b' urrainn dha leughadh agus sgrìobhadh sa chànan. Nuair a chaidh Taigh-tasgaidh Srath Nabhair a stèidheachadh, bha Ian Grimble an sàs anns a' phròiseact seo.
Sgrìobh Ruaraidh MacThòmais an dàn mu dheidhinn Ian Grimble, agus chaidh e fhoillseachadh anns an leabhar Sùil air Fàire (Acair, 2007).
Leabhar-clàr
- The World of Rob Donn
- The Trial of Patrick Sellar
- Scottish Islands
- Castles of Scotland